Menu
Urras an Eilein
Urras an Eilein
Skye Gaelic Trust
  • Dachaigh
  • Urrasairean
  • Polasaidh
  • Naidheachdan
  • Iarrtasan
  • English
Close Menu
November 15 2016

Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain a’ toirt sùil air beatha is bàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain

Urras an Eilein Annual Lecture 2016 - Iain MacDonald
urras-an-eilein-annual-lecture-2106-eilidh-rankin

DIMÀIRT 15 AN T-SAMHAIN 2016

Chaidh a’ chòigeamh Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Noble a thoirt seachad le Iain MacDhòmhnaill aig Sabhal Mòr Ostaig Diciadain sa chaidh (9 Samhain), agus b’ e cuspair na h-òraide aige “Somhairle MacGill-Eain: Beatha is Bàrdachd”.

Chaidh an Òraid a stèidheachadh o chionn còig bliadhna le Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras an Eilein, dà bhuidhinn ris an robh dlùth-cheangal aig Sir Iain fad iomadh bliadhna, mar chuimhneachan air an obair mhòr a rinn Sir Iain don Cholaiste, don sgìre agus don Ghàidhlig.

B’ ann air sgàth lèirsinn agus oidhirpean Shir Iain a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn ann an 1973 – agus an Sabhal an-diugh a’ tabhann ghrunn chùrsaichean aig ìre fo-cheum is for-cheum tro mheadhan a’ chànain.

Choisinn Sir Iain cliù dha fhèin na bheatha mar bhancair, neach-gnothaich agus neach-gnìomhachais, ach air a’ Ghàidhealtachd ’s cinnteach gu bheil e nas aithnichte airson na h-obrach a rinn e a thaobh na Gàidhlig agus a cheangal leis a’ Cholaiste.

Mar sin bha e air leth iomchaidh gum b’ e cuspair òraid chuimhneachaidh na bliadhna sa beatha is saothair Shomhairle MhicGill-Eain, fear a chuir bàrdachd Ghàidhlig agus gu dearbh a’ Ghàidhlig fhèin fo chomhair an t-saoghail mhòir, agus fear aig an robh dlùth-cheangal e fhèin ris a’ Cholaiste tràth na h-eachdraidh.

Bha Somhairle air aon de na ciad Urrasairean a bh’ air Bòrd an t-Sabhail agus b’ e an dàrna Filidh a bh’ aig a’ Cholaiste ann an 1975.

’S ann à Griomasaigh a tha Iain MacDhòmhnaill, agus tha e air a bhith an sàs ann an saoghal litreachas na Gàidhlig fad iomadach bliadhna, mar neach-deasachaidh agus mar Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean, a’ phrìomh bhuidheann-taice do litreachas na Gàidhlig.

Leig e dheth a dhreuchd aig a’ Chomhairle o chionn sia bliadhna, ach tha e fhathast ag obair a’ cuideachadh ùghdaran agus a’ deasachadh leabhraichean.

Bha e gu mòr an sàs anns an iomairt aig Ùghdarras Theisteanas na h-Alba air Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig agus tha e na bhall den Bhuidhinn-Stiùiridh Corpais a stèidhich Bòrd na Gàidhlig o chionn ghoirid. Bha e na cho-dheasaiche le Boyd Robasdan air an Essential Gaelic Dictionary, a chaidh fhoillseachadh le Hodder.

Thuirt Iain MacDhòmhnaill: “Bha e na urram mòr dhòmhsa Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble a thoirt seachad, agus bha an cuspair a thugadh dhomh glè fhreagarrach, is ceangal cho làidir aig Somhairle MacGill-Eain fhèin ris an t-Sabhal.”

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Chan eil mòran dhaoine aig a bheil an doimhneachd eòlais agus an fharsaingeachd seallaidh a th’ aig Iain MacDhòmhnaill air litreachas na Gàidhlig.

A thuilleadh air a bhith na eòlaiche cànain is na neach-deasachaidh barraichte, ’s e fìor sgoilear a th’ ann agus bha sin follaiseach san òraid a thug e seachad mu bheatha is mu bhàrdachd Shomhairle MhicGill-Eain oidhche Chiadain. Bha an òraid fiosraichte, breithneachail is lèirsinneach agus airidh air a cur an clò.”

L to R: Mairead Nic Neacail, Iain Tormod MacLeòid, Murchadh Peutan, Ian MacDhòmhnaill, Boyd Robasdan, Lucilla Noble, Dòmhnall Dòmhnallach & Calum Greumach
Mairead Nic Neacail a toirt seachad duais na h-oidhche gu Eilidh NicFhraing

A bharrachd air an òraid, chaidh duais shònraichte a thoirt seachad air an oidhche airson a’ chiad uair le Urras an Eilein airson “Neach Òg na Bliadhna”.

Tha an duais ga buileachadh air neach òg às an Eilean Sgitheanach a tha air daoine a bhrosnachadh gu bhith cleachdadh na Gàidhlig agus a tha air inbhe a’ chànain a thogail tro an cuid saothrach is dìchill.

’S i Eilidh NicFhraing à Cille mo Luaig san Eilean Sgitheanach a thog duais na bliadhna-sa. Chaidh Eilidh gu Bun-sgoil Chille Mhoire agus an uair sin gu Àrd-sgoil Phort Rìgh, far an robh e na chleachdadh dhi a bhith togail dhuaisean aig Mòdan ionadail is nàiseanta, gu h-àraidh airson bàrdachd, sgeulachdan, còmhradh agus leughadh.

Bhon uair sin tha Eilidh air a beòshlaint a dhèanamh ann an dreuchdan Gàidhlig. Chuir i seachad beagan bhliadhnaichean ag obair aig an ionad cùraim-chloinne Ghàidhlig, Fàs Mòr, mus do thòisich i san dreuchd anns a bheil i an-diugh agus i na h-Oifigear Pròiseict airson na farpais chliùitich, FilmG, a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig.

Thuirt Murchadh Peutan, Rianadair Urras an Eilein, “Tha sinn a’ cur meal-a-naidheachd air Eilidh, a bha air leth airidh air an duais. Tha Urras an Eilein a’ sùileachadh gum bi an duais seo air a toirt seachad gach bliadhna aig Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble, agus tha sinn an dòchas gum bi deagh thaghadh de thagraichean againn an ath-bhliadhna cuideachd.”

Às dèidh dhi an duais a thogail air an oidhche, thuirt Eilidh NicFhraing, “Tha e àibheiseach a bhith faicinn gu bheil Urras an Eilein airson taic a chumail ri daoine òga aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig agus ’s e urram mòr a th’ ann gun deach mo chur air adhart airson a leithid de dhuais.”

Share this:

  • Click to share on Twitter (Opens in new window)
  • Click to share on Facebook (Opens in new window)
Ann an Làrach-Coise Ghaisgeach – DVD

Related Posts

Naidheachdan

Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble 2019

Naidheachdan

Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble & Neach Òg na Bliadhna 2018

Naidheachdan

Òraid Chumhneachaidh Shir Iain Noble 2017

Naidheachdan

  • Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble 2019 November 18, 2019
  • Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble & Neach Òg na Bliadhna 2018 November 12, 2018
  • Òraid Chumhneachaidh Shir Iain Noble 2017 September 22, 2017
Back To Top
Urras an Eilein
“An Cairidh”
Struthan
An t-Eilean Sgitheanach
IV56 8FJ

01470 572300
mnb@ancairidh.co.uk
Cunntasairean:
Caimbeul, Stiùbhart, MacIllFhinnein & Co, Portrìgh
Luchd-lagha:
Murchison Law, Inbhir Nis
Àireamh Chathranach:
SC003432
© Copyright: Urras an Eilein | Skye Gaelic Trust 2019
Privacy | Cookies | Terms
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue to use this site we will assume that you are happy with it.Ok