Skip to content
Dachaigh

Urras an Eilein

Eachdraidh an Urrais

Chaidh Urras an Eilein a stèidheachadh anns a’ bhliadhna 1973 le Sir Iain Nòbail nach maireann, Dòmhnall MacMhaoilein nach maireann à Portrìgh agus Dòmhnall Iain MacIllFhinnein às an Ath Leathann, leis an amas tachartasan agus pròiseactan Gàidhlig anns an Eilein Sgitheanach a’ bhrosnachadh, gu h-àraid nam buineadh iad ri foghlam, dualchas, eachdraidh is cultar an Eilein.

Ged nach robh ann ach £1000 aig toiseach tòiseachaidh, thairis air na bliadhnaichean, tha luach an Urrais air meudachadh gu barrachd air £250,000, a’ toirt dhuinn teachd-a-steach mu thimcheall £8000 gach bliadhna.

Sir Iain noble
Dachaigh

Luchd Taic

Tha na h-Urrasairean air leth taingeil airson gach taic agus cuideachadh, agus tha e mar amas aca an t-Urras a neartachadh gu ìre aig am bi e comasach dhaibh leasachadh follaiseach agus brìgheil a thoirt air cùisean co-cheangailte ri foghlam, cultar agus dualachas san Eilean Sgitheanach.

Dachaigh
Dachaigh
Dachaigh
Dachaigh

Pròiseactan gu Ruige Seo

Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad tha an t-Urras air taic a chur ri iomadach pròiseact agus tachartas, mar eisimpleir cèilidhean, dràma, film mu Shomhairle MacIllEathain, Mòd Ionadail an Eilein Sgitheanaich, Comann Sgiathanach Ghlaschu, cèilidh mhòr ann an Dùn Bheagain airson urram a’ chur air Ceana Chaimbeul agus msaa.

Cuideachd tha cròileagain Gàidhlig, bun-sgoiltean Gàidhlig, Àrd-sgoil Phortrìgh agus Sabhal Mòr Ostaig air taic airgid fhaighinn airson phròiseactan inntinneach, duaisean, leabharlannan agus gnothaichean eile co-cheangailte ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Mar chuimhneachan air laoich a’ Chogaidh Mhòir tha an t-Urras air grunnd chuairtean don Fhraing agus don Bheilg a chur air dòigh, le seirbheisean Gàidhlig gan cumail anns na cladhan far a bheil mòran shàighdearan Gàidhealach nan sìneadh.

Gach bliadhna bidh an t-Urras agus Sabhal Mòr Ostaig a’ cur air dòigh Òraid Cuimhneachaidh Shir Iain Nòbail.