Skip to content

Polasaidh an Latha An-Diugh

An-diugh tha e fhathast mar amas aig an Urras taic a chur ri pròiseactan a bhuineas ri dualchas, cultar no foghlam anns an Eilean Sgitheanach, no aig a bheil dlùth cheangal ris an Eilean Sgitheanach. Tha prìomhachas air a thoirt do phròiseactan Gàidhlig is do phròiseactan a bhuineas do shaoghal na Gàidhlig agus faodaidh iad a bhith co-cheangailte ri ceòl, litreachas, bàrdachd, dràma, na h-ealain fhaicsinneach no foghlam.

Chan eil e ceadaichte dhan Urras taic-airgid a thoirt seachad airson cìsean oileanach.

Anns a’ chumantas, bidh an t-Urras a’ toirt seachad thabhartasan eadar £200 agus £1000.

Campbell Family
Campbell Family