Skip to content
Urrasairean

An Dr Aonghas Dòmhnallach

Bha an Dr Aonghas Dòmhnallach na dhotair teaghlaich ann am Portrìgh airson iomadach bliadhna. Tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth agus tha e a’ fuireach anns a’ Bhràighe.

Urrasairean

Calum Greumach

Tha Calum Greumach na urrasair phroifeasanta air sgeamaichean peinnsean. Tha e a’ fuireach cuid dhen bhliadhna ann an Garrabost san Rubha ann an Leòdhas, agus cuid ann an Sgùlamus.

Urrasairean

Màiri Anna NicChoinnich

Bha taigh-bìdh ainmeil aig Mairi Anna NicCoinnich ann an Dùn Bheagain. Tha i a-nis air sin a leigeil dhith agus tha i a’ fuireach anns an Aodann Bhàn.

Urrasairean

Mairead Nic Neacail

Bha Mairead NicNeacail na ceannard air diofar sgoiltean san Eilean Sgitheanach agus air deireadh b’ann ann an Stafainn is Cille Mhoire a bha i ag obair. Tha i a-nis air a dreuchd a’ leigeil dhith agus tha i a’ fuireach ann a’ Flòdaigearraidh.

Urrasairean

Faye NicLeòid

Tha Faye NicLeòid na neach-com-pàirt ann an companaidh cunntasairean ann am Portrìgh. Tha i a’ fuireach anns a’ Bhràighe.

Urrasairean

Dòmhnall Dòmhnallach

‘S e neach-gnothaich agus stiùiriche chompanaidh a th’ ann an Dòmhnall Dòmhnallach. Tha e a’ fuireach ann an Stafainn.

Urrasairean

Rianadair an Urrais:

Murchadh Peutan

Bha Murchadh Peutan a’ teagasg ann an Àrdsgoil Phortrìgh. Tha e a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth agus tha e a’ fuireach anns an t-Struthan.

01470 572300